Rannsachadh air a dheachdadh leis a’ Ghàidhlig a’ dol ceithir-chànanach ri linn a’ ghlasaidh-shluaidh
Tha luchd-rannsachaidh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air leudachadh a thoirt air a’ chaochladh chànanan a tha a-nis ri am faighinn air-loidhne aca gus taic a thoirt do ghrunn phròiseactan rannsachaidh ioma-chànanach.
A dh’aindeoin ghalar lèir-sgaoilte COVID-19, tha co-obrachaidhean eadar-nà iseanta le fòcas air clà raidhean ann an coimhearsnachdan ionadail air leantainn orra ann an Èirinn agus na h-Innseachan. Tha tuairisgeulan ±è°ùò¾±²õ±ð¾±³¦³Ù a-nis ri am faighinn air là rach-lìn an oilthigh ann an Gaeilge agus Hindi, a bharrachd air Beurla agus Gà idhlig. Is e dòigh-obrach cheithir-chà nanach gun samhail a tha seo agus leudachadh nà darrach dha Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean, leis mar a tha e 20 bliadhna a’ gabhail uallach air fhèin airson solar dà -chà nanach, agus teagasg air-loidhne ann an dòigh ionnsachaidh mheasgaichte.
Mar a mhìnich Gordon Wells, manaidsear ±è°ùò¾±²õ±ð¾±³¦³Ù an lìonra rannsachaidh Ghà idhlig Soillse, aig a bheil prìomh oifis ann an ann an Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean:
“Tha èiginn COVID air brosnachadh eile a thoirt dhuinn a bhith a’ leudachadh an fheuma a nithear de dh’innleachdas teignigeach anns a bheil na h-eileanan air thoiseach, agus a bhith a’ co-roinn dhòighean teagaisg is rannsachaidh a bhios gan cleachdadh aig an oilthigh air an robh fòcas air a’ Ghà idhlig sa chiad dol a-mach.
“Tha aon de na pròiseactan coimhearsnachd dha bheil sinn a’ toirt taic, ‘’, ag amas air glacadh agus curaideachadh cà nain. Thòisich e mar phròiseact dà -chà nanach, ann an Gà idhlig agus Beurla, ach a-nis tha e a’ toirt a-steach ceithir cà nanan deug eile, bho Bhasgais gu Iapanais gu Cuimris, leis gun robh buidhnean eile is ùidh aca ann air feadh an t-saoghail a’ leantainn an adhartais aige, agus ghabh iad ris na stuthan bhidio agus am bathar-bog ionnsachaidh cà nain ‘’ a bhios e a’ cleachdadh, is chuir iad air ghleus iad do na feuman aca fhèin. Tha e na thoileachas faicinn gu bheil innleachdan a chaidh a thòiseachadh anns na h-eileanan a’ sgaoileadh cho fad is farsaing.â€
Thuirt an t-Àrd-ollamh Neil Simco, Iar-phrionnsapal airson Rannsachadh agus Buaidh aig Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean:
“Tha sinn anabarrach mothachail air ar dleastanasan a bhith a’ cur ri inbhe na Gà idhlig agus a bhith a’ leasachadh an fheuma a nithear dhith, agus mar an aon oilthigh a tha air a shuidheachadh gu fiosaigeach agus a’ lìbhrigeadh foghlam aig an treas ìre air feadh na Gà idhealtachd, tha sinn ann an Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean air ar brosnachadh gus feum a dhèanamh den fhiosrachadh agus eòlas a th’ againn gus an rannsachadh agus an conaltradh eadar-nà iseanta againn a dhoimhneachadh.
“Seo eisimpleir eile de mar a tha an t-oilthigh air thoiseach ann a bhith a’ toirt freagairt air iomadachd shòiseo-chà nanach ar sgoilearan rannsachaidh agus nan oileanach againn, le bhith a’ cleachdadh teicneòlas ùr gus leasachadh a thoirt air a’ mhodh anns am bi sinn a’ dol an sà s ann an rannsachadh ann an dòighean ùr-ghnà thach agus seasmhach.â€
Thuirt an t-Àrd-ollamh Conchúr Ó Giollagáin, Àrd-ollamh Rannsachadh na Gà idhlig aig Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean agus Stiùiriche Institiud nan Saidheansan Cà nain a tha air ceann phròiseactan rannsachaidh eadar-nà iseanta leis na h-Innseachan agus Èirinn:
“Tha ar là thaireachd ioma-chà nanach air-loidhne a’ nochdadh an t-seallaidh eadar-nà iseanta a th’ againn. Tha e cudromach suidheachadh na Gà idhlig a thuigsinn na cho-theacsa fhèin ach cuideachd sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha e an coimeas ri cùisean nas fharsainge a thaobh seasmhachd mhion-chà nanan ann an co-theacsa cruinneil. Tha an dùbhlan a thaobh a bhith a’ cumail suas iomadachd chultarach agus cà nanach an t-saoghail a’ nochdadh mar aon de na prìomh chùisean sòisio-chultarach san 21mh linn.â€