Prionnsapal agus iar-sheansalair ùr ri tòiseachadh san dreuchd ùr aige air deicheamh ceann-bliadhna an oilthigh
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean an dèidh an t-Àrd-Ollamh Todd Walker a chur an dreuchd mar an ath phrionnsapal is iar-sheansalair againn.
Tha an t-Àrd-Ollamh Walker an-drà sta na phrobhaist agus na leas-iar-sheansalair aig , a tha a’ ruith caochladh à rainnean an stà it na Cuimrighe a Deas Nuaidh, Astrà ilia. Tha e air ceann nan raointean-cùraim acadaimigeach, cà ileachd, agus tùsanach aig Oilthigh Shasainn Nuadh agus is esan cathraiche UNE Partnerships, buidheann trèanaidh chlà raichte a tha a’ toirt seachad foghlam adhartach.
Tha e na shà r eòlaiche-cheallan clionaigeach agus e air a theisteachadh gu diongalta a thaobh teagasg, rannsachadh agus co-chomhairleachadh. Tha ceum aige ann am bith-theicneolas meidigeach, PhD ann an eòlas-aillse moileciuileach agus teisteanas iar-cheum ann an ceannardas is riaghladh oilthigheach, air fad o Oilthigh Charles Sturt.
Bha e barrachd is 20 bliadhna ag obair ann an oilthighean ioma-à rainneach, sgìreil ann an Astrà ilia a gabhail a-steach Oilthigh Charles Sturt, Oilthigh Ballarat agus Federation University Australia, far an robh e air fear den fheadhainn a bha air ceann cruthachadh an oilthigh tro shealbhachadh agus co-aonadh à rainn Gippsland Oilthigh Monash mar leas-iar-sheansalair (com-pà irteachadh).
Thuirt Garry Coutts, Cathraiche Chùirt an Oilthigh:
"Leis an eachdraidh a th’ aig an Àrd-Ollamh Walker is e stiùiriche barraichte a th’ ann dhuinn agus sinn a’ teannadh dlùth air an deicheamh ceann-bliadhna againn mar oilthigh a tha a’ seirbheiseachadh na Gà idhealtachd agus nan Eilean, Moireibh agus Siorrachd Pheairt.
"Le cùrsa-obrach drùidhteach de 25 bliadhna ann an à rd-cheannardas is riaghladh acadaimigeach, tha e a’ tighinn chun na dreuchd le pailteas cheanglaichean agus gnà th-eòlais. Tha e a’ tuigsinn is a’ cur luach air an dà chuid foghlam adhartach agus à rd-ìre agus bha e ag obair tarsainn stèidheachdan ioma-à rainneach a bha air an suidheachadh ann an coimhearsnachdan le feuman fìor eadar-dhealaichte.
"Tha feum aig ar coimhearsnachdan air an oilthigh aca san à m a tha là thair agus bithidh fhathast. Co dhiubh an e a bhith a’ trèanadh dhaoine ann an sgilean ùra, ag altram cheannardan an ama ri teachd, no ag obair le gnothachas feuch am bi cothrom aca air an rannsachadh as fheà rr a chuideachadh leotha a bhith a’ fàs is a’ soirbheachadh, cluichidh com-pà irteachas an oilthigh againn pà irt uile-chudromach ann a bhith a’ toirt taic do dh’ath-bheothachadh na sgìre againn o ghalar lèir-sgaoilte CHOVID-19 agus an dèidh sin. Tha mi là n chinnteach gun e an t-Àrd-Ollamh Walker an duine ceart aig an à m cheart airson ar toirt gu ìre ùr."
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Walker:
"Tha mi anabarrach toilichte a bhith a’ tighinn chun Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean, mar an ath phrionnsapal is iar-sheansalair aige aig à m togarrach san adhartas agus san fhàs aige. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ co-oibreachadh leis an fhoireann is na h-oileanaich, com-pà irtichean is prionnsapalan, a’ choimhearsnachd agus riaghaltas agus sinn a’ togail is a’ neartachadh chom-pà irteachas an oilthigh.
"Tha mise a’ creidsinn gun e soirbheachadh a tha ro Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean san à m ri teachd, agus is e urram a th’ ann dhomh, is mi a’ mothachainn iriosal air a shon, an com-pà irteachas agus an luchd-obrach air fad a stiùireadh tron ath chaibideil de dh’fhàs an oilthigh."
Gabhaidh an t-Àrd-Ollamh Walker an dreuchd aige os là imh air 1 Gearran 2021. Tha e a’ tighinn an à ite an Àrd-Ollaimh Clive Mulholland a chaidh air chluaineas ann an Iuchar 2019 is bidh e air treas prionnsapal is iar-sheansalair an oilthigh. Thig e an dreuchd san oilthigh an dearbh latha fhèin air am bi deich bliadhna on a chaidh Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean a stèidheachadh.