Bidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ foillseachadh ro-innleachd eileanan
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air ath-dhearbhadh a dhèanamh air an dealas a thaobh coimhearsnachdan eileanach le foillseachadh air a’ chiad ro-innleachd eileanan aca a-riamh. Tha an sgrìobhainn a’ mìneachadh planaichean an oilthighe gus a ghnìomhachd a leasachadh air feadh Arcaibh, Sealtainn agus na h-Eileanan an Iar.
Am measg nan amasan tha a bhith a’ meudachadh gnìomhachd rannsachaidh stèidhichte air eileanan, ag adhartachadh ro-innleachdan airson tà lant a thà ladh agus a chumail, a’ cumail taic ri cultar, cà nanan agus dualchas nan eilean, agus tuilleadh conaltraidh le gnìomhachas gus leantainn air adhart a’ togail sgioba-obrach sgileil a rèir chothroman agus fheumalachdan a tha ag atharrachadh.
Tha am foillseachadh a’ tighinn às dèidh na naidheachd o chionn ghoirid gum faigh na h-Eileanan an Iar, Arcaibh agus Sealtainn tasgadh de £ 100 millean bho riaghaltasan na h-Alba agus na RA mar phà irt de Chùmhnant Fàs nan Eilean. Tha ro-innleachd an oilthighe ag amas air taic a thoirt don aonta seo, a bharrachd air rùintean Plana Eileanan Nà iseanta Riaghaltas na h-Alba agus Achd nan Eilean.
Tha an t-Àrd-ollamh Crichton Lang, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean, a’ mìneachadh:
“Is e à m brosnachail a tha seo dha eileanan na h-Alba, le leasachadh air grunn iomairtean nà iseanta gus coimhearsnachdan eileanach a neartachadh. Ach, tha ceistean mar atharrachadh gnà th-shìde, crìonadh sluaigh agus COVID-19 cuideachd a’ nochdadh mòran dùbhlain.
“Mar an t-aon oilthigh le ionad fiosaigeach taobh a-staigh gach prìomh bhuidheann eileanan ann an Alba, tha Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean a’ cur gu mòr ri leasachadh seasmhach ar n-eileanan.
“Tha am plana ùr againn a’ mìneachadh mar a bhios sinn ag obair còmhla ri cà ch agus a’ cleachdadh ar neartan ann am foghlam adhartach, foghlam à rd-ìre agus rannsachadh, gus buaidh bhuannachdail fhaighinn air feadh nan eilean agus anns na coimhearsnachdan a tha nan dachaigh don luchd-obrach agus do na h-oileanaich againn."
Thuirt Pòl Wheelhouse, am Ministear airson Cumhachd, Ceangal agus na h-Eileanan:
“Tha prìomh phà irt aig Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean ann a bhith a’ toirt taic do choimhearsnachdan nan eilean againn agus tha mi a’ cur fà ilte air foillseachadh na ciad Ro-innleachd Eileanan aca a-riamh. Tha a’ chiad fhòcas air trì sgìrean Chomhairle nan Eilean agus tha comas aige cur gu mòr ri fàs seasmhach eileanan san à m ri teachd, gu sònraichte gus cothroman a thoirt do dhaoine sgilean agus teisteanasan a leantainn agus obraichean cà ileachd a chumail suas agus a chruthachadh.
“Tha e nas cudromaiche na bha e a-riamh gum bi sinn a’ toirt taic do choimhearsnachdan air feadh nan eilean anns a bheil daoine a’ fuireach ann an Alba. Stèidhich Riaghaltas na h-Alba a’ chiad Phlana Eileanan Nà iseanta an-uiridh agus tha sinn toilichte a bhith a’ faicinn mòran de na prìomh chuspairean ann an Ro-innleachd Eileanan an Oilthighe a’ co-thaobhadh ris na rùintean againn fhèin airson nan eilean. Tha sinn cuideachd air tasgadh de suas ri £50 millean a ghealltainn mar phà irt de Chùmhnant Fàs nan Eilean gus cuideachadh le bhith a’ fuasgladh tasgadh agus a’ stiùireadh fàs in-ghabhalach air feadh Arcaibh, Sealtainn agus Innse Gall agus a’ lìbhrigeadh fìor bhuannachdan dha daoine fa leth, gnothachasan agus coimhearsnachdan.
“Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean gus cà ileachd beatha dhaoine a leasachadh, a tha a’ fuireach an-drà sta agus a tha airson a bhith a’ fuireach air na h-eileanan againn.â€
Thuirt an t-Àrd-ollamh Edward Abbott-Halpin, Prionnsapal Colaiste Arcaibh 91ÊÓÆµÍø:
“Tha mi a’ cur fà ilte air fòram nan eilean a chur air bhog agus na cothroman a tha e a’ toirt seachad airson a bhith ag obair ann an com-pà irteachas gu h-ionadail ann an Arcaibh le prìomh luchd-ùidhe agus air feadh nan eilean le ar co-obraichean bho cholaistean com-pà irteach, a bheir cothrom dhuinn ar freagairt a mheudachadh do fheumalachdan eaconamach, sòisealta agus cultarail ar coimhearsnachdan.â€
Thuirt Sue NicPhà rlain, Prionnsapal Eadar-amail Colaisde a’ Chaisteil 91ÊÓÆµÍø:
“Tha an ro-innleachd chudromach seo a’ mìneachadh grunn chothroman inntinneach airson a bhith ag obair còmhla gus ar coimhearsnachdan agus gnothachas a neartachadh air feadh nan Eilean againn. Tha Colaisde a’ Chaisteil 91ÊÓÆµÍø a’ coimhead air adhart ri prìomh phà irt a ghabhail anns a’ cho-obrachadh seo, ag obair eadhon nas dlùithe leis na colaistean com-pà irteach againn agus ar com-pà irtichean agus luchd-ùidhe air feadh nan Eilean an Iar agus nas fhaide air falbh.â€
Thuirt an t-Àrd-ollamh Jane Lewis, Prionnsapal Colaiste Shealtainn 91ÊÓÆµÍø:
“Mar a bhios sinn ag obair gus colaiste ùr a chruthachadh do Shealtainn, tha sinn toilichte fà ilte a chur air ro-innleachd eileanan an oilthighe a tha a’ toirt seachad frèam math airson ar cuideachadh le bhith ag obair gu h-èifeachdach còmhla ri colaistean com-pà irteach eile air feadh ar n-Eileanan. Anns na h-amannan dùbhlanach seo, bidh seo gu sònraichte cudromach gus leigeil leinn a’ bhuannachd as motha a lìbhrigeadh airson beairteas eaconamach, sòisealta agus cultarail Shealtainn fhaighinn air ais.â€
Thèid foillseachadh ro-innleachd nan eilean a dheasbad aig an ath choinneamh de fhòram eileanan an oilthighe air Dimà irt 29 Sultain. Bidh a’ choinneamh bhiortail a’ gabhail a-steach riochdairean bho Cholaiste Shealtainn 91ÊÓÆµÍø, Ionad Mara NAFC 91ÊÓÆµÍø, Colaisde a’ Chaisteil 91ÊÓÆµÍø, Colaiste Arcaibh 91ÊÓÆµÍø, Iomairt na Gà idhealtachd is nan Eilean, Leasachadh Sgilean na h-Alba, Comhairle Eileanan Shealtainn, Comhairle Eileanan Arcaibh agus Comhairle nan Eilean Siar.
Gus ro-innleachd Oilthigh nan Gà idhealtachd ’s nan Eilean fhaicinn, tadhail air www.uhi.ac.uk/publications