Dreuchd ùr a’ cuideachadh le freagairt air feumalachdan roinneil
Tha Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean air an Dr Gary Caimbeul fhastadh gu dreuchd an iar-phrionnsapal (leasachaidhean ro-innleachdail). Tha an dreuchd ùr seo ag amas air an oilthigh a dhèanamh nas cunntachail do fheumalachdan nan gnothachasan agus nan coimhearsnachdan san roinn. Cuidichidh an Dr Caimbeul le foghlam is trèanadh a leasachadh anns na h-à iteachan far a bheil feum air, a thuilleadh air comas rannsachaidh agus iomlaid eòlais an oilthighe a stiùireadh anns na raointean air a bheil feum aig gnìomhachasan.
Stèidhichte ann an Colaiste Mhoireibh 91ÊÓÆµÍø ann an Eilginn, bha an Dr Caimbeul roimhe seo ann an dreuchd Deadhan Saidheans, Slà inte agus Innleadaireachd. Anns an dreuchd ùr, bidh e ag obair còmhla ri co-obraichean mu thimcheall com-pà irteachas an oilthighe gus leasachaidhean acadaimigeach ro-innleachdail a stiùireadh, a’ gabhail a-steach iadsan a tha co-cheangailte ri coimpiutaireachd, adhar-speur agus innleadaireachd.
Thòisich an Dr Caimbeul a bheatha-obrach mar neach-saidheans à rainneachdail a’ sònrachadh ann am modaladh air atharrachadh gnà th-shìde. Bha dreuchdan aige mar òraidiche is neach-rannsachaidh ann an Colaiste Newton Rigg ann an Cumbria agus Oilthigh Obar Dheathain mus tà inig e gu Oilhtigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean ann an 1999 mar òraidiche ann an Colaiste Inbhir Nis 91ÊÓÆµÍø. A’ leantainn air Comhaltachd rannsachaidh ann an Obar Dheathain, thill e gu teagasg ann an Colaiste Mhoireibh 91ÊÓÆµÍø mus deach e an dreuchd mar Dheadhan Dà imh ann an 2010.
Chuir an t-Àrd-Ollamh Clive Mulholland, Prionnsapal is Iar-Sheansalair Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean, fà ilte air an Dr Caimbeul gu a dhreuchd ùr, ag rà dh: “Chaidh an t-oilthigh a chruthachadh gus buaidh chruth-atharrachail a thoirt air na bha san amharc don Ghà idhealtachd agus na h-Eileanan, mar sin tha e deatamach gu bheil an curraicealam agus an rannsachadh againn a’ coinneachadh feumalachdan ar sgìre. Tha mi a’ creidsinn gun cuidich an dreuchd ùr seo le seo a choileanadh nas fheà rr ann a bhith a’ thoirt dhuinn tar-shealladh air an dealbh mhòr agus a’ toirt còmhla curraicealam is rannsachadh ùr agus sean, a bhios freagarrach don 21mh linn. Tha mi air leth toilichte gu bheil Gary air gabhail ris an dreuchd seo agus tha mi cinnteach gun lean e air adhart a’ cur gu luachmhor ri rùn an oilthighe.â€
Thuirt an Dr Caimbeul: “Tha mi air leth pròiseil à s an oilthigh againn agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri co-obraichean tarsainn a’ chom-pà irteachais gus cothroman adhartachadh gu mathas na roinne.â€