Lèirsinn dàna do chùram-slàinte san àm ri teachd: Òraid tòiseachaidh an Àrd-Ollaimh Nicola Carey na brosnachadh aig 91ÊÓÆµÍø
Chruinnich proifeiseantaich cùram-slàinte, oileanaich, rannsachairean agus buill den phoball, ann an Taigh 91ÊÓÆµÍø ann an Inbhir Nis agus air-loidhne air feadh na RA air Dimàirt 13 Cèitean, airson làthaireachd aig òraid a bha gu tur pearsanta, smaoineachail agus cumhachdach, air a lìbhrigeadh leis an Àrd-Ollamh Nicola Carey, Ceannard Ionad Shaidheansan Slàinte Dhùthchail ann an Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (91ÊÓÆµÍø). Bha an òraid tòiseachaidh phroifeiseanta seo, fon tiotal ‘Ùr-ghnàthachadh Cùram-slàinte’, a’ comharrachadh prìomh chlach-mhìle ann an dreuchd stèidhichte air co-fhaireachdainn, cnuasachadh breithneach agus ceannardas misneachail.

Le fàilte bhlàth bhon Àrd-Ollamh Brian MacUilleim, Iar-Phrionnsapal Acadaimigeach is Rannsachaidh aig 91ÊÓÆµÍø, a thug iomradh air an Àrd-Ollamh Carey mar “tùsaire ann an rannsachadh altramachd”, chaidh an tachartas fhosgladh le meòrachadh air slighe iongantach a tha air cumadh a thoirt air obair a beatha. Rinn an t-Àrd-Ollamh MacUilleim moladh air diùltas an Àrd-Ollaimh Carey a bhith cuibhrichte le slighean traidiseanta, a dealas a thaobh co-ionannachd ann an cùram-slàinte, agus a dìoghras gun lasachadh air ùr-ghnàthachas a stiùireadh.
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Carey san òraid aice:
“Chan eil ùr-ghnàthachas ann an cùram-slàinte dìreach mu dheidhinn innealachd no poileasaidhean ùra, tha e mu dheidhinn a bhith dàna gu leòr airson faighneachd, ‘Carson a tha e ag obair mar sin – agus carson nach fhaod e a bhith diofraichte?”
A’ labhairt gu fosgarra, thug Carey seachad sgeulachdan bho a tràth-làithean mar bhanaltram ann an Newcastle upon Tyne, a slighe foghlaim is proifeiseanta tron RA agus an US, agus na h-eòlasan cruthachail a stiùir i gu ceistean a chur mu na siostaman agus mu na ro-bheachdan mu thimcheall lìbrigeadh cùraim. Bha an luchd-èisteachd air am beò-ghlacadh le a h-àbhachd, a h-irisleachd agus a lèirsinn.
Mheòraich i air ùr-ghnàthachas a bha beag ach cudromach – bho chruthachadh dhòighean ùra air èisteachd ri easlaintich, gu a h-obair ann an òrdachadh ioma-phroifeiseanta a tha a-nis a’ toirt cruth-atharrachadh air cothrom air cùram a tha amail air feadh choimhearsnachdan dùthchail agus iomallach. Tha a ceannardas san raon seo air cuideachadh le còrr air 4 millean òrdugh-cungaidh sa bhliadhna a chomasachadh, a' leasachadh bhuilean agus a’ sàbhaladh £176 millean sa bhliadhna don NHS.
Mhìnich an t-Àrd-Ollamh Carey:
“Aig cridhe na cùise, tha ùr-ghnàthachas mu dheidhinn dhaoine. Tha e a’ tòiseachadh le tuigse do fhìor fheumalachdan, agus tha e a’ soirbheachadh nuair a tha na daoine a tha a’ lìbhrigeadh cùram air an comasachadh gu cuideachadh le a chumadh.”
Thog Carey cuideachd air oidhirpean eadar-nàiseanta, a’ gabhail a-steach a com-pàirt fhèin ann an cruthachadh an Ayzot App airson cùram deireadh-beatha ann an Ethiopia – pròiseact air an tug i iomradh mar:
“Inneal beusach a thug urram air ais do dhaoine agus a lìbhrig cofhurtachd, fiù bho astar air falbh.”
Mar a bha an òraid a’ tighinn gu crìch, dh’èigh i airson misneachd, co-obrachadh agus feòrachas ann an cumadh nan siostaman slàinte san àm ri teachd. Bha a teachdaireachd soilleir: feumaidh banaltraman, proifeiseantaich cùram-slàinte, rannsachairean agus luchd-oideachaidh, chan e a-mhàin a bhith air an gabhail a-steach ann an deasbadan ro-innleachdail, ach a bhith gan stiùireadh. Chrìochnaich an t-Àrd-Ollamh Carey le:
“Chan eil feum againn air tuilleadh bheachdan – tha feum againn air barrachd gnìomh; tha proifeiseantaich aig aghaidh cùise a’ faicinn dhuilgheadasan gach latha. Cuireamaid ar n-earbsa annta gus cuideachadh leis na fuasglaidhean a dhealbhadh.”
A’ leantainn air an òraid, chuir an t-Àrd-Ollamh MacUilleim fàilte fhoirmeil air an Àrd-Ollamh Carey gu ollamhachd 91ÊÓÆµÍø, a’ toirt iomradh oirre mar:
“Neach-atharrachaidh, deagh eisimpleir agus tagraiche gun sguir airson nan nithean ceart a dhèanamh, chan e dìreach an nì a tha furasta.”
Ghabh aoighean tlachd à seisean cheistean agus cuirm lìonraidhidh, le suidheachadh subhachail a bha a’ maidseadh cudromachd agus brosnachadh tèaman an fheasgair.
Faodaidh sibh clàradh na h-òraid fhaicinn air an t-sianal YouTube aig 91ÊÓÆµÍø:
Professor Nicola Carey sitting next to Professor Brian WilliamsProfessor Brian WilliamsProfessor Nicola CareyProfessor Nicola CareyProfessor Nicola CareyGuests at the professorial lectureGuests at the professorial lectureGuests at the professorial lectureGuests at the professorial lectureProfessor Nicola Carey and Professor Brian Williams